top of page

Poileasaidh Dìomhaireachd

Is e seo Poileasaidh Dìomhaireachd Wreckspeditions Dive Charters Ltd. 'S e adhbhar a' phoileasaidh seo innse dhuibh dè am fiosrachadh a bhios sinn a' cruinneachadh mur deidhinn agus mar a chleachdas sinn e a rèir Riaghailt Choitcheann Dìon Dàta 2016/679.

Fiosrachadh air a chruinneachadh

Fiosrachadh Pearsanta: Ma chlàraicheas tu airson puist-d no fiosrachadh eile fhaighinn bhuainn, no ma cheannaicheas tu rudeigin tron làrach-lìn againn cruinnichidh sinn d’ fhiosrachadh gus fiosrachadh a thoirt dhut no gus an òrdugh agad a phròiseasadh. Faodaidh am fiosrachadh a chruinnicheas sinn a bhith a’ toirt a-steach fiosrachadh pearsanta leithid d’ ainm, tiotal, ainm companaidh no buidheann, seòladh puist-d agus àireamh fòn. Cruinnichidh sinn cuideachd fiosrachadh às deidh sin a dh’ fhaodadh tu a thoirt seachad nuair a chuireas tu fios thugainn.

 

Ma tha thu airson fiosrachadh sam bith a tha againn mud dheidhinn ùrachadh, atharrachadh no a cheartachadh, faodaidh tu post-d a chuir chun fhoirm fios thugainn no a chleachdadh.

Cleachdadh fiosrachaidh

Le bhith a’ clàradh airson puist-d agus/no a’ ceannach rudeigin bhon làrach-lìn againn tha thu a’ toirt cead dhuinn d’ fhiosrachadh a phròiseasadh airson nan adhbharan a leanas:

 

• A' làimhseachadh na h-òrdughan agad agus a' cur fios thugaibh a thaobh do cheannach,

• a' toirt dhut fiosrachadh a dh'iarras tu,

• a' cur thugaibh puist-d bho àm gu àm mu naidheachdan agus tairgsean sònraichte,

• a’ tuigsinn mar a bhios luchd-tadhail a’ cleachdadh ar làrach-lìn gus an urrainn dhuinn eòlas an luchd-tadhail a leasachadh,

• gèilleadh ri riatanasan sam bith a tha air an cur oirnn fon lagh.

 

Foillseachadh

Faodaidh sinn fiosrachadh a chruinnich sinn fhoillseachadh ma tha sin riatanach fon lagh.

 

Ceanglaichean a-muigh

Faodaidh ceanglaichean gu làraich-lìn inntinneach eile a bhith air an làrach-lìn againn. Ach, aon uair ‘s gu bheil thu air na ceanglaichean sin a chleachdadh gus an làrach againn fhàgail, bu chòir dhut a thoirt fa-near nach eil smachd sam bith againn air an làrach-lìn eile sin. Mar sin, chan urrainn dhuinn a bhith cunntachail airson dìon agus prìobhaideachd fiosrachadh sam bith a bheir thu seachad fhad ‘s a thadhlas tu air na làraich sin agus chan eil na làraich sin air an riaghladh leis an aithris phrìobhaideachd seo. Bu chòir dhut a bhith faiceallach agus coimhead air an aithris phrìobhaideachd a bhuineas don làrach-lìn sin.

 

Àicheadh

Chan eil sinn a’ gealltainn cruinneas no dligheachd an fhiosrachaidh agus na stuthan air an làrach-lìn seo agus chan urrainn dhuinn a bhith cunntachail airson mearachdan no dearmad sam bith agus chan eil sinn a’ gabhail ri uallach sam bith airson call no milleadh sam bith a dh’ èiricheas.

 

Atharraichean air poileasaidh

Faodaidh sinn am Poileasaidh Dìomhaireachd seo ùrachadh bho àm gu àm agus tha sinn gad bhrosnachadh gus sùil a thoirt air ais bho àm gu àm airson an aithris as ùire. Le bhith a’ leantainn air adhart a’ cleachdadh ar làrach-lìn tha thu ag aontachadh ris a’ Phoileasaidh Dìomhaireachd seo agus ùrachadh sam bith.

bottom of page